GUIR! 2024 Lyrics

Màiri has written new Gaelic songs with a Glasgow perspective. The songs explore a number of topics including Gaelic language, local outdoor spaces and living in the southside of Glasgow. 

GUIR! 2024 Màiri MacMillan Lyrics

Cumhachd don Ghàidhlig

‘S e am fonn ceòlmòr Cumha na Cloinne sgrìobhte le Padraig Mòr MacCrimein, one de phìobairean Clann Cinnidh Mhic Leòid Dhun Bheagain san Eilean Sgiathanach, a bhrosnaich mi gus an t-òran seo a sgrìobhadh.     Chaidh an cùmha a sgrìobhadh a dèidh bàs seachdar de ochd chloinne a’ phiobaire.     Tha fonn brèagha air a chumha agus nuair a thèid a chluich mairidh e suas gu 20 mioniad. 

Tha a’ Ghàidhlig ann an suidheachadh èiginneach an dràsta. Ged a tha àrdachadh air tighinn ann an àireamh luchd-labhairt òga, tha cunnart ann gun caill sinn beartas aus farsaingeachd ur cànan àlainn.   Sgrìobh mi an t-òran air fonn Cumha na Cloinne mar òran brathaidh gu feum sinne mar Ghàidheil taic a chuir ris a chànan le bhith ga bruidhinn agus ga brosnachadh.  Ma chailleas an còrr beartas cànan ‘s e adhbhar bròin a bhitheas ann.  

Tha Ghaidhlig fon chunnart mar a cleachd sinn i.
Tha Ghaidhlig fon chunnart mar a cleachd sinn i.
Feumaidh sinn a gleidheadh mus caill sinn i
Feumaidh sinn a gleidheadh mus caill sinn i

Prìseil prìseil prìseil i
Prìseil prìseil prìseil i
Prìseil prìseil prìseil i
Ach caillidh sinn i mar a cleachd sinn i.

Togaidh sinn i ‘s cha chaill sinn i
Togaidh sinn i ‘s cha chaill sinn i
Beag air bheag gun tog sinn i
Beag air bheag ‘s cha chaill sinn i

Bith an dùthaich fo bhròn ma chailleas sinn i
Bith an saoghal fo leòn ma chailleas sinn i
Bith Alba gun aman ma chaileas sinn i
This mis’ is tus còmhla gus nach caill sinn i.

Tha ùin’ againn fhathast tha ùin’ againn fhathast
Tha ùin’ againn fhathast tha ùin’ againn fhathast
Tha ùin’ aig an Gàidheil airson an cànan a ghleidheadh
Airson an cànan a cleadhadh ‘s airson an cànan a ghleidheadh

Baile Mòr nan Gàidheil

Tha Glaschu làn beartas de dhualchas na Gàidhlig agus tha sin glè fhoilleasach ann an ainmean àite a’ bhaile.  Chaidh leabhar sgriobhte le Dr. Alastair MacIlleBhàin fhoillseachadh o chionn ghoirid a thoirt dealbh mhionaideach dhuinn air ainmeach àite Gaidhealach Ghlaschu.  Tha an t-òran seo a’ toirt iomradh air cuid de na h-ainmean àite Gàidhealach ann an Glaschu agus a’ dèanamh luaidh air na daoine a thug taic don Ghàidhlig gus a bheil i air a togail a-rithist ann am Baile Ghlaschu.

Baile mòr nan Gàidheil beartais nad thobar
A’ Ghàidhlig air a h-àrach ‘s air a togail
I sruthadh sa dortadh tro gach linne is lochan
Nad anam ‘s nad chridhe tha i beò

Baile Ghobhainn Druim Mòna
Poll Mac Dè Crois MoLiubha
Cèad Chairt Còrr Mhanach
Gart Sgadain Gart Sguab

O ceann gu ceann Abhainn Chluaidh
Cruth tìr anns gach achadh agus bàrr
Chi sinn agus cluinnidh sinn a Ghàidhlig ga labhairt
Bith i maireann ma bheir sinn dhi a h-àite

Baile Ghobhainn Druim Mòna
Poll Mac Dè Crois MoLiubha
Cèad Chairt Gart Sgadain
Còrr Mhanach Gart Sguab
Cair Dhomhnaill Pollag

Sheas iad suas ris a’ ghearradh
Is an cànan air a leagail gu làr
‘S iad dealasach is deiseil
A’ Ghàidhlig bhith air teanga nan òg

Baile Ghobhainn Druim Mòna
Poll Mac Dè Crois MoLiubha
Cèad Chairt Gart Sgadain
Còrr Mhanach Gart Sguab
Cair Dhomhnaill Pollag
Gart nan Abhaill Eochair

Cò na laoich na gaisgich a leanas a chùis?
Gus bratach na Gàidhlig a’ dùsgadh
Misneachd, earba is creideas
Gum bith i buan, gus am bith i ann.

Baile Ghobhainn Druim Mòna
Poll Mac Dè Crois MoLiubha
Cèad Chairt Gart Sgadain
Còrr Mhanach Gart Sguab
Cair Dhomhnaill Pollag
Gart nan Abhaill Eochair
Coitcheann Ceadach

Gun èirich a Ghàidhlig
Gun èirich a Ghàidhlig
Gun èirich a Ghàidhlig uair eile!

Gun èirich a Ghàidhlig
Gun èirich a Ghàidhlig
Gun èirich a Ghàidhlig uair eile!

Baile Ghobhainn Druim Mòna
Poll Mac Dè Crois MoLiubha
Cèad Chairt Gart Sgadain
Còrr Mhanach Gart Sguab
Cair Dhomhnaill Pollag
Gart nan Abhaill Eochair
Coitcheann Ceadach
Baile Nighean Sheadna Àrdan

Banrìgh na Bealltainn

Tha mi a’ fuireach faisg air Pàirc an Rìgh agus bith mi a’ dol air cuairt innte gach latha.  Pàirc bhreagha le iomadh seòrsa chraobh cuid a tha còrr agus ceud bliadhna a dh’aois.  Ann an 2019 bha plana air a chuir air adhart gus faisg air dà cheud craobh anns a’ phàirc a leagail. Chuir coimhearsneachd Pàirc an Rìgh an aghaidh a’ phlana agus shàbhail iad na craobhan.  Sgrìobh mi an t-òran seo don phàirc.  Ged is e Pàirc an Rìgh an t-ainm a h-orra tha i mar bhanrìgh rìomhach fad na bliadhna agus gu h-àraid as t-sàmhraidh nuair a tha a’ phàirc lan dhathan. Bha mi cuideachd airson cuimhneachadh air na daoine a shàbhail gun na craobhan a bhith air an leagail.

Air aithris

Nì sinn moladh air do dhoire prìseil
Coisichidh sinn làmh ri làmh gus do dhìon.
Nì sinn moladh air do dhoire prìseil
Coisichidh sinn làmh ri làmh gus do dhìon.

Latha blàth Bealltainn ghabh mi sgrìob leat
Gucagan òga bana sgàil a’ tighinn beò
Oiteagan chùraidh gan gluasad
Gan crathadh
Gam chrathadh ‘s gam dhùsgadh
Toiseach ùr an t-samhraidh
Toiseach ùr ga aithris dhuinn

Os cionn Ghlaschu, pairc rìomhach an Rìgh
‘S i mar Bhan-rìgh na Bealltainn
Nì sinn moladh air do dhoire prìseil
Coisichidh sinn làmh ri làmh gus do dhìon.

Fadachd gad fheitheimh a’ Bhealltainn
Teas na maidne a dhearsadh air ur tìr
An ceòlraidh binn a’ cuir fàilt
san òg mhadainn
Ann am meuran farsaing nan craobh
Aghaidh ùr ris an t-samhradh
Aghaidh ùr ris an t-saoghal.

Os cionn Ghlaschu, pairc rìomhach an Rìgh
‘S i mar Bhan-rìgh na Bealltainn
Nì sinn moladh air do dhoire prìseil
Coisichidh sinn làmh ri làmh gus do dhìon.

Dh’fheuch iad ri d’ ghearradh gun làr
ach sheas sinn daingeann ri d’ thaobh
Gach meur is geugag
‘s gach duilleag
sgeul àraid uile ri innis an cagair
an dualchas glèidhte
glèidhte airson gach ginealach ùr

Os cionn Ghlaschu, pairc rìomhach an Rìgh
‘S i mar Bhan-rìgh na Bealltainn
Nì sinn moladh air do dhoire prìseil
Gun coisich sinn làmh ri làmh gus do dhìon.

Os cionn Ghlaschu, pairc rìomhach an Rìgh
‘S i mar Bhan-rìgh na Bealltainn
Nì sinn moladh air do dhoire prìseil
Gun coisich sinn làmh ri làmh gus do dhìon.

Uiseig

Ged a tha an uiseag beag, tha guth làidir cumhachdach aice.  Chan eil eagal orra èiridh do na speuran agus a h-òran brèagha a sheinn.  Agus seinnidh i gach latha a’ cuir nar cuimhne gu bheil I ann.  Tha uiseagan ann an cunnart gu h-àraid ann an àiteachan far am bith aid a neadachadh air talamh iosal.  Tha mi den bheachd gur e neach fortanach a chluinneas ceilearadh na h-uiseig.  Nuair a chluinneas mise I a’ ceilearadh bheir i orm stad agus èisteach rithe agus coimhead air a son. Agus ‘s fhiach stad agus èisteachd ris a’ cheilearadh aice.  ‘S dòcha gum bu chòir dhuinn a bhith coltach ris an uiseig agus ur duan a ghabhail gu làitheil le làn mhisneachd.

Uiseag bheag èirich o bhlàr gu h-àrd do na speuran
Agus seinn, seinn le sunnd is le aighear
Led ghuth binn mànranach, làn chumhachd
Teachdaire uasal, rìomhach, maiseach
Cluasan fosgailte ri d’ òran binn
Bith thu buan.

Fhilidh cheòlmhor nan speur aithris dhuinn do luinneag
Do theud gleusaichte led cheòl àghmhòr milis
Na h-àrd speuran nas treise is tu annt’
A’ gairm le sunnd, ‘s le aighear
Neart an dòchais an aman dorcha
Bith thu buan

Neo-ghealtach beachd a chuir thairis gu dàil
Guth làidir brathaidh gu dìcheallach, dàna,
Led Saorsa siubhal gu mullach nan speur
A’ canntaireachd sa ceilearadh
Fead a’ sgeadachadh na tìr
Bith thu buan

Teacaire an earraich agus tosgair an t-samhraidh
Ràith ùr-fhàs ag àiteach siol nad ribheid chiùil
Puing òr fiorghlan air iteig a’ siubhal
Gun èisteadh uaislean rid dhuannag grinn snasail
Ath-nuadhachadh is urachadh an àit’
Bith thu buan


Beartach sinne a chluinneas do luinneag
Gu fialaidh gu còir led orain ‘s led thuigse
Stòras am pailteas ma bhitheas sinn ga shireadh
A’ dùsgadh ar spiorad a’ gluasad inntinn
Tog guth gu togaireach nad iùil
Bith thu buan

Gar dùsgadh gach madainn le sòlas
gar n’altam le comhfurtachd is dòchas
Do cheileir àlainn a’ sireadh cluas òg
Nad laoch gun eagal aghaidh chuir ris a chùis
Nad lòchran a’ spionnadh led neart
Bith thu buan.

Drochaid Pairce Linn

Tha an drochaid iarrainn is sine ann an Glaschu ann am Pairc Linn air taobh a deas Ghlaschu faisg air sgìre Ciad Chairt. ‘S ann airson luchd-coiseachd a-mhàin a tha i a-nisd agus ‘s iomadh duine a th’air a dhol tarsainn orra thairis nam bliadhnaichean. Nach iomadh sgeul a bhiodh aice ri innse.

‘S iomadh còmhradh
‘S iomadh cagair gaolach
‘S iomadh ceum
‘S iomadh cridhe leum
‘S iomadh gàire
‘S iomadh deòir a’ ruith
‘S iomadh cridhe chaoin
‘S iomadh pòg dhan tug

Drochaid aithnichte am Pairce Linn
Seasamh ath-leumach fad iomadh linn
Min-Eolach air rùn-diomhair
Àit aiseag socair sìtheil ciuin na h-inntinn

‘S iomadh còmhradh
‘S iomadh cagair gaolach
‘S iomadh ceum
‘S iomadh cridhe leum
‘S iomadh gàire
‘S iomadh deòir a’ ruith
‘S iomadh cridhe chaoin
‘S iomadh pòg dhan tug

Bheirinn a-rithist dhut an leth sgillin
Airson na comhair a thug thu dhuinn
A’ meomhrachadh sa taomadh d’ uisge
Gus ciall den t-saoghal choachlaideach a’ ruigsinn

‘S iomadh còmhradh
‘S iomadh cagair gaolach
‘S iomadh ceum
‘S iomadh cridhe leum
‘S iomadh gàire
‘S iomadh deòir a’ ruith
‘S iomadh cridhe chaoin
‘S iomadh pòg dhan tug

‘S iomadh pearsa a’ chunnaic i
‘S gach inntinn a ghuais i
a-null sa nall sa ruith foidhpe
cho socair ris an t-sneachda cho luath ris a gaoith

‘S iomadh còmhradh
‘S iomadh cagair gaolach
‘S iomadh ceum
‘S iomadh cridhe leum
‘S iomadh gàire
‘S iomadh deòir a’ ruith
‘S iomadh cridhe chaoin
‘S iomadh pòg dhan tug

‘S iomadh còmhradh
‘S iomadh cagair gaolach
‘S iomadh ceum
‘S iomadh cridhe leum
‘S iomadh gàire
‘S iomadh deòir a’ ruith
‘S iomadh cridhe chaoin
‘S iomadh pòg dhan tug

Gaol am Pairc na Banrigh

‘S ann air taobh a deas baile Ghlaschu a tha Pairc na Banrìgh. Pairc bhreagha eile far an do choisich mi iomadh uair nuair a bha mi fuireach faisg orra. ‘S ann mar cuimhneachann air Màiri Banrigh na h-Alba a chaidh Pairc na Banrìgh a thoirt orra agus a’ phairc faisg air làrach Batal an Leathad Fhada. ‘S e òran gaoil ann an cruth òran luaidh.

He hoireann o ro hoireann o
He hoireann ho rin o ho
He hoireann o ro hoireann o
He hoireann ho rin o ho

Ghrian làn gaoil cuir fàilte le sunnd
Leat air chuairt tro Ghlaschu
Pairc na Banrigh ròsan rudhach
Sin far an robh laithean buidhe
Gràdh a’ dearrsadh bho do sùilean
Sin an samhradh a bha dùileach
Blàth-mhàiseach cùbhraidh lusach
Sin an gaol a tha cliùitheach
Iomadh latha sinn le muirne
Ged bhiodh geamhradh cianail duilich
Bith thu còmhla rium a’ suidhe